drilseach.net - Air Cuan Dubh Drilseach | Aibheiseach math!

Description: Aibheiseach math!

Example domain paragraphs

Thug e beagan ùine dhomh faireachdainn deiseil gu bhith sgrìobhadh mun turas agam a Bhaile Átha Cliatha anns an t-Samhainn. Chan eil mi fiù ’s air bruidhinn cus ri Roddy mu dheidhinn fhathast, ged a chaidh sinn ann còmhla. Bha sinn cho sgìth nuair a thill sinn, agus bha an tachartas agus an turas cho craicte, cha chreid mi gun robh fios againn dè bha sinn a’ smaoineachadh mun rud nuair a fhuair sin air ais gar taighean ann an Slèite anmoch feasgar Didòmhnaich. Bha an dithis againn buileach am breislich.

Thòisich a h-uile rud mun àm seo an-uiridh. Fhuair mi brath bho Eoin P. Ó Murchú , eadar-theangaiche ACDD ann an Èirinn, gun robh e am beachd tachartas a chur air dòigh aig an fhèis litreachais Ghàidhlig ann am BÁC, IMRAM 2022 , agus e a’ faighneachd an robh mi ag iarraidh pàirt a ghabhail ann. Mhìnich e gun robh e am beachd dealbh-cluiche, no leughadh dramataigeach, a dheasachadh às an nobhail, agus bu toil leis nan cluichinn beagan ceòl na chois. B’ e beachd inntinneach a bh’ ann, agus bha mi a’ caoidh na

B’ e an seòl a bh’ agam gun cuirinn còmhla ri chèile le mo charaidean agus gun cluicheamaid cuid dhe na seann òrain againn bhon chaochladh chòmhlan anns an robh sin nar buill rè nam bliadhnaichean: Mill a h-Uile Rud, Na Gathan, Là Luain, agus m.s.a.a. Bhruidhinn mi ri Roddy Neithercut is Kathryn NicAoidh, agus dh’aontaich iadsan, ach gu cearbach, mus robh cothrom againn ruith-thairis a chur air dòigh, fhuair Kathryn ròl anns an dràma Ghàidhlig ùr, an Clò Mòr , agus bha i a’ dol a bhith ro thrang. Bha Roddy